Fhir a’bhàta, na ho ro eile Fhir a’bhàta, na ho ro eile Fhir a’bhàta, na ho ro eile Mo shoraigh slàn leat ’s gach àit’an téid thu Is tric mi ’sealltainn o’n chnoc a’s àirde Dh’fheuch am faic mi fear a’bhàta An tig thu an-diùigh no’n tig thu a-màireach? ’S mur tig thu idir gur truagh a tà mi Fhir a’bhàta, na ho ro eile Fhir a’bhàta, na ho ro eile Fhir a’bhàta, na ho ro eile Mo shoraigh slàn leat ’s gach àit’an téid thu Tha mo chridhe-sa briste, brùite ’S tric na deòir a’ruith o m’shùilean An tig thu a-nochd no’m bi mo dhúil riut No’n dùin mi’n dorus le osna thùrsaich? Fhir a’bhàta, na ho ro eile Fhir a’bhàta, na ho ro eile Fhir a’bhàta, na ho ro eile Mo shoraigh slàn leat ’s gach àit’an téid thu Fhir a’bhàta, na ho ro eile Fhir a’bhàta, na ho ro eile Fhir a’bhàta, na ho ro eile Mo shoraigh slàn leat ’s gach àit’an téid thu
Hide player controls
Hide resume playing